[Note: The Gaelic spelt as by Dewar.]
Do reir beulaithris ann an linn Righ Artair bhi ann an Duneidean,
bha Triath urramach Eirinneach a chuir tigh dìdean air
a chraig ris an abairte Aill-séid-chuan, agus ghoid e na braighde
rìomhfhinne uasal, agus thug e i do'n Dun a thog e air Aill-séid-chuan,
s bha e ga gleidh an sin na braighde. Bha Righ Artair
latha anns a bheinn a sealg, luidh e a' leigeadh a sgìtheas dheth,
chaidil e agus bhruadair e air an rìmhfhinne a bha ann am braighdeanas,
agus ghabh e toil a cuir saor, ach cha robh fios aige c'aite
an robh i. Ghabh sir Bhalbha os laimh dol g'a h iarraidh na'm
faigheadh e long o'n Righ. Thug an Righ long dh'a, agus sheol
sir Bhalbha gus gun d'fhuair e air thuileamus i, agus thug e
dh'ionnsaidh Righ Airteir i, agus b'ann do'n chùis chaidh an t
óran a leasas a dheanamh.
Turus a chaidh Righ Arstair s a shluagh
Gu tullach na'm buadh, a shealg;
Gun duine mar-ris an Righ
Ach Sir Bhalbha, fo a lion arm.
Gun duine, &c.
Chunnaic Righ Bhreatun s e na shuain
An aon bhean a b'aillidh snuadh fo'n ghrein
'S b fhearr leis ro na bh'aige a dh'or
An òg-bhean bhi aige fein.
'S b fhearr leis, &c.
Ach b'fhearr leis tuiteam ann an sin
Le comhrag fir, mar bha e fein.
No dol a dh'iarraidh na mnà
S gun fhios aige cia an t'aite fo n ghréin.
No dol a dh'iarraidh, &c.
Thubairt Sir Bhalbha suairce cuin.
'S e mo rùn dol a dh'iarraidh na mnà,
Theid mi fein mo ghille s mo chu
Nar triuir 'g a sireadh gun dàil
Theid mi fein, &c
Seachd seachdainnean le stri
Bha sinn sgìth a sinbhal cuain
Gun chala gun talamh gun fhonn
Gun ionad amis an gabhadh an long tàmh.
Gun chala gun, &c.
Chuannacas an iomall a chuain Ghairbh
Caisteal mór mìn-gheal ghuirm,
Uinneagan gloine air a stuagh
S bu lìon-mhor ann cuaich coirn.
Uninneagan gloine, &c.
Air dhuinn bhi seoladh stigh ri bhun,
Chaidh slabhraidh a chuir a nuas;
S roimh an t slabhraidh cha do ghabh-ar crith
Ach chaidhearurra na m'ruith suas.
S roimh an t slabhraidh, &c.
Cuanna'cas an ighean eididh òg
Air cathair òir na suidhe a steach
Sgàthan gloine air a glùn,
S bheannaich-eam do a gnuis gheal.
Sgàthan gloine, &c.
Fhir a thainig oìrun o'n chuan
S truagh brìgh do bheannachadh ann.
* * * * *
Ged thigeadh am fear mor na m dhàil
Gun iochd gun bhàigh le a chlaidheamh cruaidh,
Air do ghuidh-se a bhean bhlath.
S coingeis leam a ghradh seach fhuath.
Air do ghuidh-se, &c.
Arm cha deargadh air an thear,
Ach a chlaidheamh run-geal fein.
Agus is fhearr dhuit dol fo-chleith
Do aite air leith tearruinnt' o'n eug.
Agus is fhearr, &c.
Chaidh Sir Bhalbha fa-chleith
Agus a steach thainig am fear mor
Tha boladh an fhar-bhalaich a steach
Oirrinn iar teachd o thuinn na traigh.
Tha boladh an, &c.
Anamain, a sheircein, s a rùin
Is mor an gaol a thug mi dhuit,
Cuir thusa do cheann air mo ghlùin,
Agus seinnidh mi ciùin duit a chruit.
Cuir thusa do, &c.
Chuir e a cheann air uchd an ighinn ùir,
Bu ghuirme sùil, s bu ghile deud,
S ge bu bhinn a sheinneadh i a chruit,
Bu bhinneadh an guth bha teachd o a beul.
S ge bu bhinn, &c.
Air dhuinn bhi cuairteachadh na'n cuan
Chaidil e suain, na thruim sheamh fann,
S thug iad an claidheamh a chrios
S ghearr iad gun fhios d'dheth an ceann,
S thug iad an, &c.
Ghoid iad a bhraighdeach s gu leir
S bha a bhean fein fo chumha thruim
Siod agaibh aithris mo sgeul
S mar a leugh iad am bòrd-cruinn.
Siod agaibh, &c.
Latha do Righ Arstair s a shluagh
Bhi air Tullach na'm buadh, a shealg.
Gun duine mar-ris an Righ
Ach Bhalbha, fo lion arm.